We’ve updated our Terms of Use to reflect our new entity name and address. You can review the changes here.
We’ve updated our Terms of Use. You can review the changes here.
/
  • Streaming + Download

    Includes high-quality download in MP3, FLAC and more. Paying supporters also get unlimited streaming via the free Bandcamp app.
    Purchasable with gift card

      name your price

     

lyrics

Mar a thuirt iad: "A Chù Chulainn,
chan eil feusag air d' aodann
Dè tha thu a' smaointinn
a bhi cho dàna ri laochain?

Tha thu saoitheamh, a ghille chaoimh
'S tha do namhaid air do chùlaibh
A' Mhorrigan 's a' Bhadhbh
'S thusa cho fhada bho naomh"

(Cù Chulainn)
"Dè tharraing thusa às do bheul?
A bheil thu as do chiall?
Cha robh sinn roimhe fo smachd,
'S cha bhi sinn gu bràth nar triall!

'S e bràthair mo mhàthair
An Rìgh, ainm Conchobhar,
'S 's e athair an draoidh Cathbhadh
'S tha e air mo bheannachadh

Tha Banrìghinn bòstach a' tighinn
airson ar creachadh 's toradh
An Donn Cuailgne a ghòid
'S ar dream a mharbhadh

Tha mi air mo sharachadh,
leis an amaideachd seo,
ma tha tha sibh eòlach orm-sa
thallaibh a-mach às mo rathad!

(arsa Laoch) "A thighearna chaoimh,
air do shocair 's na gabh dragh
tha do charbadan deiseil
airson ar nàimhdean a mhilleadh

's an cinn a bhuain
am mionnaich a sprùilleadh
eanchainn a phronnadh
ann am beagan bhuille

Feuch! Tha creachadh's toradh
a' feitheamh airson ar teachd
's leam-sa, gad fhrithealadh,
cha chreid mi nach cuir sinn ri làimh,

'S nuair am faigh sinn làimh an uachdar,
air an sluagh seo cho lùthmhor
bidh duais ort cho luachmhor...
Eimher Bhàn 's a gràdh ort. "

(Cù Chulainn)
('s ars am fear...) Na can còrr!
's cum sùil air an rathad
tha sinn 'g itealaich thar a' mhachair
's bidh sinn ann.. Thoir an aire!

bha e faisg! O, a ghaisgich òig
sin e am fìor bheatha
ag ionnsachadh ar buaidhean
's ar nàimh ag faobhar a' chlaidheamh

tha ar nàbaidhean nar nàimhdean
cho fhad's a bhi iad gràineil
's bidh mì-rùn mòr nan Gall
mar dìleab air an cloinne

'S e Cruithnich a th' annainn
Fireannaich nam fìor-Ulaidh
Boireannaich bòidhche's cruaidhe
pàistean dàna's luaithe

laochain cho biorach 's geur
mar inntinn nan draoidh
ar sinnsirean caomh
a' toirt seanchas ris na saoidhean

co-dhiù cha chreid mi nach eil sinn
air beulaibh chinn armailt Mhedhbh
tha an t-àm ann an-dràsta
ma bhios ruadh 'sa chraoibh!

SÈIST
Dè tharraing thusa às do bheul?
A bheil thu as do chiall?
Cha robh sinn roimhe fo smachd,
'S cha bhi sinn gu bràth nar tràill!

'S e bràthair mo mhàthair
An Rìgh, ainm Conchobhar,
'S 's e athair an draoidh Cathbhadh
'S tha e air mo bheannachadh

(Luchd-Chàinidhean)
"A Mhac Shualdaim tha thu ann
airson a thoirt seachad
a' bhlàr, chogadh, shabaid
an aghaidh ar tàin 's creachadh

ach, cò thusa san fhìrinn?
nach eil thu nad dhìlleachdan?
air daltadh le Sualdaim
airson onair a' bhanrìghinn?

tha beul-aithris a' tighinn
bho gach clachan fo ghrian
gu bheil do mhàthair ro chridheil
air gach coigrich 's dìlleach..."

(Cù Chulainn)
"Ach, feuch a-nis, tha mi an seo
's rinn mi an gnothach ort
do cheann air a chailleadh
's mo shleagh tro do chorp!

'S, ma tha uidh agad fhathast
a bhi eòlach air mo dhream
tha m' athair na sheanndhia
's e Lugh Saimhildànach ainm!

SÈIST

(Luchd-Chàinidhean)
"Carson a tha do shluagh
ri fois a ghabhail, tùrsach
's brònach leis a' chràdh
cho goirt ann am muineal?

nach robh sibh cho cruaidh
a bhi an aghaidh ar sluaigh
ach a-nis, a' chràdh thruaighe
am bidh sibh a' gluiseachd?
cha bhi!

chuala sinn, bho beul-aithris
gu bheil sibh fo mhallachd
as-dèidh fharpais charbadan
far an do chaill sibh

ris a' bhan-dia Mhacha
air sgàth's gun robh 'n duine aice
ag ràdh, gu bheil a' bhean
nas luaithe a casan chleachdadh

nan sgioba mòr eachaibh
na Rìgh Conchobhar creachadh
nuair a bha Cruinniuc na mhisg,
bha teanga'n amadain theachd!

's mar a bha e a' gàireachdainn
cha robh 'n Rìgh a' faireachdainn
tròcair sam bith air
a' dhearg amadan

(Conchobhar)
' s thuirt e "thallaibh a-mach
's rannsachaibh a' ghleann
's thoir dhomh am boirionnach"
(Cruinniuc)
"ach tha i trom le leanaibh!

guidheam ort a thighearna mhòr
tha an droch-nàire orm
faodaidh sibh mi 'cur gu bàs
ach leigeabh mo bhean a bhith saor

tha dà phàiste na bronn
's iad fo gheasa cho trom
bidh do shlighe a' cromadh
leis a' phiann cho brònach

nuair a bhios sibh nur n-èiginn
bidh cràdh oirbh gun teagamh
bidh ur cloinne gur faicinn
gun neart sam bith agaibh

bidh ur creach sa thàinig
aig an t-àm as miosa
nuair am bidh sibh air ruighinn
an àite fo gheasa

Ars a' rìgh:
(Conchobhar)
"Dùn do dhroch-bheul an-dràsta
agus thall amach!
Cuiridh mi thusa gu bàs,
a bheil thu craicte?!

Nach eil thu eòlach ormsa?
Amadain gòrach,
seo làimh an Rìgh, a cuir
mallachd ortsa!

A bhalgair bhoirb,
a chealgair uaibhrich
bidh dàn ainmeil
air do cheann cho truaillich

do mhionnaich a sprùilleadh
eanchainn a phronnadh
ann am beagan bhuille
airson cluicheadh a' bhaotharan

ach cò thusa san fhìrinn
agus do dhroch-bhean?
smaoinich thu gum b' i ban-dia a bh' innte?"
o mo chreach!"

SÈIST

credits

from Cungaidhean Leighis, released June 12, 2017
Dealbh le Jim FitzPatrick, an sàr dealbhadair Èireannach

license

all rights reserved

tags

about

Corvid Vancouver, British Columbia

An avid student of Celtic music and culture since birth, David James McCallum has hitch-hiked coast to coast and to the Yukon and back (twice). The son of a long line of gifted singers, poets, preachers and scholars, Corvid has honed his lyrical craft over two decades of travel and study. A proud father, and medicinal cannabis provider, Corvid currently resides in East Van. ... more

contact / help

Contact Corvid

Streaming and
Download help

Report this track or account