Rìgh Seumas 's an Diabhal

from by Corvid, K-Rec

/
  • Streaming + Download

    Includes high-quality download in MP3, FLAC and more. Paying supporters also get unlimited streaming via the free Bandcamp app.

      name your price

     

lyrics

Tha naidheachd bho Alba
'S chan urrainn dhuinn a bhi coma
a Thighearna cho dàna
am b' urrainn dhomh a bhi calma?

le mo fhreagairt ri Phàrlamaid
mu dheidhinn ar ro-innleachdan
airson a bhi dìcheallach
's diadhach ler inntinnean

ach tha mi aindeònach
am facal a ràdh, oir
nuair a bhios sibh air an t-ainm
a' ràdh , thig e a-steach

's bidh an deamhan as miosa
am fear le mhnaoi fo smachd
a' ghabhail tlachd bho a h-aire
's a cleachdadh bhuidseachd

SÈIST
CHAN ANN DO SHÌOL ADHAMH SINN
'S CHAN E ABRAHAM AR N-ATHAIR
ACH THA SINN DE MHUINNTIR 'N ATHAIR UAIBHRICH
CHAIDH FHUADACH AS A FHLAITHEAS

Gheibh Baobh a guidhe
ged nach fhaigh a h-anam tròcair
ìobairtean loisgte
's an Riabhach air a shocair

cho creachadh, 's dòcha
Gum bi 'n t-eagal a thogail
Teine mòr nach bu chòir
Duine sam bith a rostadh

Leis an cridhean cho reòite
No mar pìos beag mòine
Air a losgadh leis an teasachadh
An eudachd a' sroiceadh

Aodainn òga lan bòidhchead
Ach a-nis grannda, dorcha
Le crannchur an t-saoghal bhochd
A' tionndadh mar cuithle rothair

'S e gairm an t-sluagh
'S cha mhòr gum bhodhradh an fhuaim
Ag iarraidh bana-bhuidsich
Airson dòrtadh a fuil

Cho doirbh a tilleadh
Ri sàbhachas as dèidh sin
Bidh sibh fiadhach le fearg
'S feargach gun thuigsinn

Tha Rìgh Seumas a' chomhairle
Ri luchd-chomhairlich droch-inntinnich
A chàirdean ri a bhrosnachadh
Gun dòighean gun tàmh no sìth

'S chan e doirbh a chì
Chan eil ar Dia le rìgh,
Cho gun nàire,
Chan eil dùbhlan sam bith, air a shlighe…

SÈIST

Tha an Rìgh air a chuir roimhe
Gum bidh èigheachd air dòighean
gus dearbhadh deimhinnte
'S i bana-bhuidseach nam boireannach

Le acfhuinn oillteach
iaruinn, sgoltadh
Geur 's spìocach
'S dìreach gun tròcair

Airson adhbhar mì-mhòiteil
Gun cead bhon t-soisgeul
An canar gum biodh sinn
Nas diadhaiche nan Abstoil?

No mar dheamhan dhamaichte
Freumhan adhbharachadh
Crìonadh sòisealta,
'S ar breugan a' brùidealachd

Am Bìoball a' tionndadh
Ri leabhar neo-shunndach
Eadar-theangachadh cliùteach
Làn buidseachd 's draoidheachd

Gann de cheartas 's dùthchas
Sa Bheurla ghrannda 's bhrùideil
Mar cuing air am muineal
Daimh ghòraich slaodaich

Dìreach as-deidh an caochladh
Sprèidh cho tursach
Bidh dàn eu-dòchasach
'S am breitheanas mhurt

An tèid sinn chùirte?
Ri taobh tuaitheil gun fheum gun bheartas
Nar aonaranaich
Chaidh fhuadach a fhlaitheas?

credits

from Cungaidhean Leighis, released June 12, 2017

tags

license

all rights reserved

about

Corvid Vancouver, British Columbia

An avid student of Celtic music and culture since birth, David James McCallum has hitch-hiked coast to coast and to the Yukon and back (twice). The son of a long line of gifted singers, poets, preachers and scholars, Corvid has honed his lyrical craft over two decades of travel and study. A proud father, and medicinal cannabis provider, Corvid currently resides in East Van. ... more

contact / help

Contact Corvid

Streaming and
Download help